Fàilte gu Sight Action

Fàilte chun na làraich-lìn leasaichte ùr againn.  ’S e Sight Action an t-ainm ùr a tha air a’ bhuidhinn a b’ àbhaist a bhith air a h-ainmeachadh mar Visual Impairment Services Highland.  Bidh sinn ag obair fon charthannas phàrantail againn, Comann na Gàidhealtachd is nan Eilean do Dhaoine Dalla (HISBP).

Tha sinn ag obair ann an dòigh chàirdeil is phroifeasanta gus àm ri teachd nas fheàrr a chruthachadh do chloinn is do dh’inbhich a tha dall is aig a bheil duilgheadasan fradhairc, agus do na teaghlaichean is an luchd-cùraim aca, air feadh Gàidhealtachd is Eileanan Siar na h-Alba.

Tha sinn air làrach-lìn Sight Action a thogail gus am bi i furasta dhuibh fhèin a cleachdadh is tha sinn an dòchas gum bi i fiosrachail is feumail dhuibh!  Ma tha sibh a’ smaoineachadh gu bheil càil a dhìth cuiribh fios thugainn oir bu toil leinn fios air ais a chluinntinn bhuaibh.

English version of this page

 

click on images to see a larger version